Highland Village Museum / An Clachan Gàidhealach
Iona, Nova Scotia

Gallery Thumbnail Gallery Stories Contact Us Search
 

Anull Thar nan Eilean - From Island to Island

 

 

John Dan Nill Mac na Bantraich

Well, nan tóisichinn dìreach ri m' thaobh fhéin, na nàbuidhean a bha ri ar taobh, a'cheud fhear bu dlùithe dhuinn, fear dhan a'cheud fheadhainn a bha muigh ann a'siod cuideachd, Dòmhnall Beag a chanadh iad ris: Dòmhnall Nìll 'ic Dhòmhnaill: MacNìll a bh'ann. Agus an uair sin bràthair seanair dhomhs' a bha thall air a' chnoc gu math dlùth dhuinn, Iain Chaluim a chanamaid ris: Iain Chaluim is Iain Bhàin. MacNìll a bh'ann. 'S e mo chuideachd fhéin a bha sin, Chloinn Nìll. Cha mhór nach e Chloinn Nìll a bh'annt' uile. Agus a-nisd air an taobh an iar dhinn, ás a' sin dhan cheàrn ud do Ghleann Bharraidh, thog fear ann a' sin ... thog e taigh dìreach ri mo chuimhne. Cha robh mi ach trì na ceithir do bhliadhnaichean a dh'aois. Bha e ag obair 'sna mèinnein s' phòs e 's thog e teaghlach 'sna mèinnein (Glace Bay). Cheannaich e pàirc', pios do dh'àit, 's thog e taigh air agus sin a-nisd an taigh bu dlùithe dhuinn air an taobh iar dhinn. 'S e Johnny Bàn a chanamaid ris - MacNill a bh'ann cuideachd. Bha iad ann a' sin gus an deaghaidh dhomhsa fàgail, shuas ann an Gleann Bharraidh. Cha n-eil duin' ann an dràsd. Tha an taigh falamh. Ma théid mi nisd an iar air a' sin, 's e Highland Hill a channas iad ris. Bha tri nàbuidean math, math a bh' againn ann a'sin nàbuidhean gun chiall. Bha meas mór aig m'athair orra. Chanadh iad Clann Aonghuis Eòin riuth' uile. Ach a'cheud fhear 's e tàillear a' bh'ann: Dòmhnall Aonghuis Eòin-Tàillear Aonghuis Eòin. Bha an ath-fhear Eòin Aonghuis Eòin. Thog e fhéin teaghlach agus cha n-eil duin' ann an dràsd'. Cha n-eil duin' ann an àit' an tàillear a bha seo na 's mutha. Cheannaich cuideignn e; cha n-eil mi smaointinn go bheil duin' a'fuireach air. Tha, a-nisd, an t-àit eile an iar air sin ...

Tha mi creidinn gun d'fhuair shibh eòlas air "Maxie".

S.W.Fhuair.

I.D.M.Well, athair Mhaxie, 's e Dan Angus Iain Aonghuis Eòin a chanamaid ris-san. 'S e fear eile do Chloinn Aonghuis Eòin. Tha piuthar do Roddie John Dan, ma 's aithne dhut e. Cheannaich iad an t-àite far a robh athair Mhaxie a'fuireach. Cheannaich iad Maxie fhéin taigh gu math breagha-àite Thòmais Mhurchaidh; àite Thòmais Mhurchaidh Mhóir MacNìll. Agus bha taigh eil' ann. Cha n-eil e ann an dràsd. Cha n-eil an taigh suas. Chaidh an taigh a leagail. 'S e àite Sheumais Mhurchaidh a chanadh iad ris. Cha robh e pòsda riamh.

S.W. Robh e ri bàrdachd an dràsd' 's a rithist?

I.D.M.Cha robh. An aon fhear a bha ri bàrdachd shuas ann a' sinn; rinn e dhà na trì do dh'òrain cuimheasach math. 'S e Niall Mòr a chanadh iad ris. Tha e suas anns a' Villa. Tha e gu math spry fhathast. Rinn e trì na ceithir do dheagh òrain. Rinn e òran do Dhòmhnall MacFhionghain far na h-Intrabhail nuair a chaidh e dhan chogadh. Cha robh e fad sam bith anns a'Fhràing nuair a chaidh e mharbhadh. Bha meas mór aig na daoine air. Bha e 'na mharsanta. Cha robh e ach óg ach bha e 'na mharsanta mun deachaidh e dhan arm. Agus rinn Naill Mór an t-òran dha. Bha e-fhéin agus a bhràthair a'fuirach còmhla ri chéile shuas air Highland Hill ann a' siod.

Cha robh an còrr ann o chionn fhada. Nan rachadh sibh astar gun chiall ann an iar a-rithist air far a' robh Niall Mór a'fuireach, s dh'àite ris an canada iad àite Pheadair Curstaidh Mhìcheil ... 'S e mac bantraich a bh'ann. Siod an t-ainm a bh'orra, Curstaidh Mhìcheil Dòmhnallaich. 'S e Clann Mhìcheil, siod na chanadh iad riuth': Clann Mhìcheil. 'S e Dómhnallaich a' bh'annta. Well, a-nisd Curstaidh Mhìcheil a bha seo, seo a mac, Peadar. An aona mhac a bh'aice. Bha i pòsda re cousin dhomh-fhin: Fear à crioch Barra Glen an t-àite a thuirt mi ruit cheana àite Iain Chaluim 'ic Iain Bhàin. Well. Peadar Curstaidh a bha seo, bha e pòsd' aig Curstag Iain Chaluim. Cha robh teaghlagh idir aca. A-nisd bha Peadar beò ... o, feumaidh go robh e ninety nuair a dh'eug e. Rànaig e aois mhòr co dhiù. Agus bha fear a bha càirdeach dha à Washabuck, dh'fhuirich e còmhla ris anns na bliadhnaichean mu dheireadh a bha e beò. Mhove e suas go Highland Hill 's bha e fuireach ann. Ios Mac Alasdair a' Framair - Joseph MacKenzie. Tha esan marbh an duigh cuideachd.

Cha n-eil duin' a-nisd a'fuireach ann a' sin. Cha n-eil duin' ann an àite Pheadair Curstaidh. Cha n-eil an duin' an àit' Nìll Mhóir ...Oh' seadh: fear eile air Highland Hill. Tarmad Nìll, 'ic Iain Mhóir. Bha gille aig Tarmad, Steaphain Tharmaid. Duine mór, mór, gun chaill mór a' bh'ann. 'S e duin 'a bu làidir 'a bh'aca aig an obair iarainn thall ann a seo. Thànaig e dh'obair a' seo (Sidni) air obair iarainn mar a bha cuid mhór duibh a thigeadh a-nuas treis a dh'obair. Bhiodh e togail rail aona ceud deug punnd air na tongs. Cha rogh e lag, Stephain Tharmaid Nìll 'ic Iain Mhóir. Niall Mór a bha seo, 's e first cousins a bh'annta: Niall Mór Mhìcheil Nìll 'ic Iain Mhóir agus Tharmaid Nìll 'ic Iain Mhóir.

Sin agad na daoin' a bh'ann. Bha beagan do chàirdeas aca dha m'athair. M'athair mo mhàthair, thànaig i far an taobh thall anns a' chòbh, Còbh nam Piobairean. 'S e té dhe na Tarmadaich chanadh iad rithe. Cha robh ann an sia na seachd dhiù nach biodh Tarmad ac' air agus siod mar a thug na Tarmadaich orra. A-nisd bha té dhuibh seo pòsd aig Niall mac Iain Mhóir agus bha an té eile pòsd aig Calum mac Iain Bhàin, mo shin seanair. Sin mar a bha 'n càirdeas aca. Nisd Calum mac Iain Bhàin, thànaig esan as an t-seann dùthaich. Thànaig iad à Barraidh. Cha n-eil fhiosam gu dé rinn e sgath na b'fhearr na àite sam bith eile.

 

Print Page

Important Notices  
© 2024 All Rights Reserved